top of page
Thàinig an Gille Dubh
Sèist:
Thàinig an gille dubh raoir don bhaile seo;
'S trom mo cheum on thrèig mo leannan mi,
Thàinig an gille dubh raoir don bhaile seo.
M' ulaidh 's mo ghràdh fear dubh agus bàn;
Chan innis mi chàch gu bràth do ghealladh dhomh.
Is iomadh bean òg, le sìod' agus sròl,
A chunntadh le deòin, mu chrò crodh-bainne dhut.
'S guirme do shùil nan dearcag fon driùchd,
'S gur finealt do ghnùis na ùr-ròs mheanganan.
Sealgair a' gheòidh 's an lach air an lòn,
'S nam biodh i nad chòir, gun leòinte a' mhaigheach leat.
Stiùirich' a' chuain, air bharraibh nan stuadh;
Ri latha fliuch, fuar, mo luaidh de dh' fhearaibh thu!
Mo bheannachd 'ad dhèidh, ma dh' fhàg thu mi fhèin,
Ach guidheamaid cèile beusach, banail dhut.
bottom of page