top of page

O Daonnan, Daonnan

Sèist:
O daonnan, daonnan, daonnan,
Hug a ru bhi, tha mi deònach.

Bha mi latha 'm Borgh nan gallan,
Ghabh mi aineadas gu leòr ann;

'S ann a sheall iad orm gu dàna
'N dùil nach robh fàirdean nam phòca;

Shaoil iad gun tràighinn na buideil
'S nach pàighinn uile na dh' òlainn.

Chaidh mi sìos do Chille Pheadair
'S cha do fhreagair nighean Iain Òig mi.

Gun d' ràinig mi Fròbost Sheumais,
Shaoil iad nach b' fheumach air clòimh mi.

Cha robh ann ach mnathan fuadain,
Cha b' fhuasgailteach iad air mo sheòrsa.

Ràinig mi bean Airigh Mhuilinn,
Fhuair i urram nam ban còire.

Fhuair mi còta fìr an taighe
'S lèine do dh' ath-aodach Seònaid;

Thug i cleòca dhomh bha rìomhach,
'S làmhannan sìod' far a dòrna.

'S ann a bha i shiol nan uaislean
Dhan robh crodh ruadh air na lònaibh.

 

bottom of page