top of page

'S ann Diluain Ro' Là Fhèill Mìcheil

 

Sèist:

Ò ro na hùg ò,Seinn o ho ro nàilibh,

Ò ro na hùg ò

 

'S ann Diluain ro Là Fhèill Mìcheil

Fhuair min dìnneir a chraidh mi,

 

Agus suipeir gun aoibhneas

Ged nach roinn mi ri càch i.

 

Och, a Dhia, mar tha mise!

Bean gun mhisneachd gu bràth mi.

 

Bean gun mhàthair, gun athair,

Gun fhear-taighe, gun bhràthair.

 

Mac Aonghais à Barraigh,

'S e sgar mi 's a chràidh mi.

 

M' eudail mhòr do chùl dualach,

Chì mi bhuam air bhàrr sàile.

 

'S tu nad shìneadh san tiùrra,

Far 'n do bhrùchd a' mhuir-làn thu.

 

Iad gad tharraing eadar fearaibh,

Null gu Baile na Tràghad,

 

Ann an ciste chaoil, chumhaig

Air a dubhadh 's a tàirneadh.

 

Tha na taighean gan rùsgadh

'S fear gan còmhdach 's gan càradh.

 

Null gu Baile na Trianaid

Far 'm bu lìonmhor do chàirdean.

 

'S mi ri coimhead na mara

A' cur fairis a' bhàta.

 

Mo thriùir bhràithrean innte 's m' athair,

Is fear mo thaighe, 's e chràidh mi.    

bottom of page