top of page
Laoidh Statue Ruaidheabhal
Air cnocan fraoich air Ruaidheabhal
Tha mhaighdean chiùin a' tàmh,
A h-aghaidh ris na siantanan
'S i coingeis fuachd no blàths;
'S na h-Eileanan 's iad crochte rith'
A' sileadh meall de ghràdh,
'S gum mair i fad na' linntean ann
'S gach neach 's an uaigh a' cnàmh.
B' e latha mòr dhan eilean seo
Nuair thogadh suas i 'n àird,
Ìomhaigh Mhoire bheannaichte
'S i coisrigte dhan àit':
'S gach coigreach thig thar chuan thugainn
Gun fois aca no tàmh
'S gum faic iad Statue Ruaidheabhal
'S a dealbh an-diugh 's gach ceàrn.
'S an Criosdaidh còir a fhuair ann i
Gum b-ànrach bha gach ceum,
Thug e gus a fàgail aig
Na h-Eileanan na dhèidh:
Gun d' ghabh e iomadh saothair
'S dha chuid nàimhdean cha do ghèill-
'S bha tacsa fiòr ri ghualainn-sa
A dh' fhàg gach sligh' dha rèidh.
Ìomhaigh a Mic ri gualainn ann
'S a shùilean ciùin le blàths,
'S E sealltainn air gach aon againn
Na thruas aige rir càs:
B' e 'm buachaill' E nach trèigeadh sinn
'S nach fhàgadh sinn fo chràdh;
'S gun inns ar crann-ceusaidh dhuinn
Na dh' fhuiling E air ar sgàth.
'S ged bhiodh m' inntinn ìseal,
'S mi gun fhonn, mar 's tric a tha,
Nuair chì mi choinneal fhollaiseach
Tha shuas air beinn gu h-àrd,
Gun till mi staigh nas toilichte,
'S mi cuimhneachadh le gràdh
Na gràsan fhuair na h-Eileanan
Air Latha-Fèill an àigh.
'S ar sinnsrean bha cho dìleas dhi
Cha d' dh' fhàg i riamh fo ghruaim,
Màthair naomh ar Slànaigheir
Bha ann an càs cho cruaidh;
'S ma leanas sinn 'san lorg aca
'S ar n-earbsa chuir na duais,
Gu' faic sinn fìor 'na h-àilleachd i
An glòir na' Flathas shuas.
bottom of page