top of page

Òran Na' Fiaclan

Sèist:
'S hem bò hugi ò, tha mi ann am èiginn;
'S hem bò hugi ò, tha mi ann am èiginn;
'S mise thug a' ruaig nach robh buaidh às a dèidh dhomh
Chaill mi na fiaclan, 's a Dhia, cha b' e m' fheum e.

Smaointich min oidhche seo splaoid thoirt air chèilidh
Cuide ris na h-eòlaich a dh' òl Demerara:
Bha mi ann an dòchas, ged dh' òlainn mo lèine,
Nach cluinneadh iad gu sìorraidh san Iochdar mum dheidhinn.

Bha mi air mo chòmhdach cho leòmach ri bàn-righinn,
Coilear geal is còta 's mo bhrògan a' deàrrsadh;
Thug mi dhiom an fheusag le siabann 's le ràsar,
'S bhruisig mi na fiaclan air beulaibh an sgàthain.

Nuair ràinig min taigh-òsta, gun chòmhdhalaich càch mi
'S gun do shuidh sinn còmhla aig bòrd mar a b' àbhaist;
Bha aighear ann is òrain is òl is ceòl-gàire,
'S glainneachan gan lìonadh 's mo bheul-sa gan tràghadh.

Ann am beagan ùine bha smùid a bha grànd' orm -
Dalladh air mo shùilean, 's mo thùr 's e gam fhàgail;
'S ann thug iad air ghiùlan mi a dh' ionnsaigh a' chàir,
Mu' biodh iad gam iarraidh san Iochdar a-màireach.

Chaidh mi dhachaigh dìreach le sìnteagan làidir,
Ged a bha mi cinnteach gum biodh iad gam chàineadh;
'S nuair a chaidh am biadh air mo bheulaibh a chàradh,
Gun dh' aithnich mi le fiamh nach robh fiacail nam chàirean!

 

bottom of page