top of page

Hao Ri Rì Ho Ràithill Ò

Sèist:
Hao ri rì ho ràithill ò
Ho ràithill ò ho ràithill ò,
Hao ri rì ho ràithill ò
'S e 'n nighean donn as bòidhche.

'Nighean sin air 'eil an gùn
Air a chur san fhasan ùr,
B' fheàrr leam fhìn na mìle crùn
A rùin, gu robh sinn còmhla.

Nighean sin air 'eil an loinn
Cha bhi mise dhut am foill,
'S mi gu siùbhladh leat a' choill'
Ged 'iodh an oidhche reòta.

Bha mim ghobha 's bha mim cheàrd
Bha mim shaor air dòigh no dhà,
'S iomadh ciùird 's na chuir mi làmh
Ged tha min dràst' a' seòladh.

Bha mim phìobaire ro luath
Air an fhidheall bheirinn fuaim,
Air a' chlàrsaich bheirinn duan
'S gum buailinn i gu h-eòlach.

'S car bu mhiosa rinn mi riamh
Le mo ghòraiche gun chiall,
Chuir mi snaoim nach fuasgail sgian
Na fiaclan no na meòirean.

 

bottom of page