top of page
Puirt-a-Beul
Cuireamaid Dandaidh
Sèist:
Horo dannsa, dannsa, horo danns' gu h-aotrom,
Horo danns' is danns' is danns' is danns' a laochag x2
Cuireamaid dandaidh, dandaidh, cuireamaid dandaidh air Màiri,
Cuireamaid dandaidh, dandaidh is brògan is stocainnean bàna.
Dèanamaid danns' is danns' dèanamaid danns' gu sunndach,
Dèanamaid danns' is danns' mi-fhìn 's i fhèin gu sùrdail.
Rachadh mi siar is siar is rachadh mi siar le m' eudail,
Rachadh mi siar is siar is fanaidh mi seo 'son ùine.
Caitheamaid suas i, suas i, caitheamaid suas am pàiste,
Caitheamaid suas i suas i is tillidh i a-nuas a-màireach.
Air an Fhèill
Air an fhèill a-muigh o hao
Air an fhèill a-staigh o hò
Air an fhèill a-muigh o hao
Rinn na ceannaichean an t-òl
Air an fhèill a-muigh o hao
Air an fhèill a-staigh o hò
Air an fhèill a-muigh o hao
Rinn na ceannaichean an t-òl.
Air an tulachan ud shìos
Air an tulachan ud shuas
Air an tulachan ud shìos
A ghabh Murchadh a' stòp
Air an tulachan ud shìos
Air an tulachan ud shuas
Air an tulachan ud shìos
A ghabh Murchadh a' stòp.
Leannan a Bh’ agam An-uiridh
Leannan a bh' agam an uiridh
Sgaradh oirre dh' fhalbh i
Leannan a bh' agam an uiridh
Sgaradh oirre dh' fhalbh i
Leannan a bh' agam an uiridh
Sgaradh oirre dh' fhalbh i
Tha i 'n diugh an Cille Pheadair
'S i ri obair banachaig.
Gus an Tig a' Chaora Dhubh
Gus an tig a' chaora dhubh
Gus an tig a' chaora x3
Gus an tig a' chaora dhubh
'S a h-adhairc às a h-aonais.
Cha tig an latha thèid mi dhachaigh
Gus an tig na caoraich x3
Suidhidh mi air cùl a' chreagain
'S teannaidh mi ri caoineadh.
Gus an tig a' chaora dhubh
Gus an tig a' chaora x3
Gus an tig a' chaora dhubh
'S a h-adhairc às a h-aonais.
bottom of page