top of page
Cailin nam Buadh
O, seinnidh mi duanag air gruagach mo ghràidh,
Tè òg a' chùil dualaich tha uasal na gnàths,
A chailin na caomhnachd sìn dhomhsa do làmh,
Nach suidh thu rim thaobh 's bheir mi gaol dhut gu bràth.
A' chiad uair a dhearc mi air cailin nam buadh,
Gun tuirt mi rium fhèin ''S i seo cinnteach mo luaidh,
Gu faigh mi dhomh fhìn i 's cha toir duin' i bhuam,
'S chan fhalbh i às m' inntinn gun dìobair mo smuain''.
Tha dealbh agam fhìn dhiot a nìonag mo ghràidh,
Bhios a' deàlradh nam inntinn gu cinnteach gach là,
Cha chnàmh is cha mhill i le aois no le tàir,
'S chan fhàs mi chaoidh sgìth dhi gum buin rium am bàs.
Gu feuch mi le dìcheall do thàladh rium fhèin,
'S mi coma cò chì gu bheil mi às do dhèidh,
Gur e mo mhòr dhùrachd gum faigh mi do spèis,
'S bidh sinn an trom ghaol, mi-fhìn is tu fhèin.
O, seinnidh mi duanag air gruagach mo ghràidh,
Tè òg a' chùil dualaich tha uasal na gnàths,
A chailin na caomhnachd sìn dhomhsa do làmh,
Nach suidh thu rim thaobh 's bheir mi gaol dhut gu bràth.
bottom of page