top of page
Allt an t-Siùcair
A' dol thar Allt an t-Siùcair
air madainn chùbhraidh Chèit,
is paidirean geal, dlùth-chneap
den driùchd ghorm air an fheur;
bha Richard 's Robin brùdhearg
ri seinn 's fear dhiubh na bheus,
's goic moit air cuthaig chùl-ghuirm
's gug-gùg aic' air a’ ghèig.
Bha smeòrach cur na smùid dhi
air bacan cùil leath' fhèin,
an dreathan-donn gu sùrdail
's a rifeid-chiùil na bheul;
am bricean-beithe 's lùb air
's e gleusadh lùth a theud,
an coileach-dubh ri dùrdan
's a' chearc ri tùchan rèidh.
Na bric a' gearradh shùrdag
ri plubraich dhlùth le chèil',
taobh-leumnaich mear le lùthchleas
sa bhùrn, le mùirn ri grèin;
ri ceapadh chuileag siùbhlach
lem briseadh lùthmhor fèin,
druim lann-ghorm 's ball-bhreac giùran
's an lainnir-chùil mar lèig.
Gur sòlas an ceòl-cluaise
àrd-bhairich bhuar mud chrò,
laoigh cheann-fhionn, bhreaca, ghuanach
ri freagradh nuallan bhò;
a' bhanarach le buaraich
's am buachaille fa còir,
gu bleoghain a' chruidh ghuaillfhinn
air cuaich a thogas cròic.
An Coire 's fheàrr san dùthaich,
an Coire 's sùghmhor fonn,
's e Coirean Allt an t-Siùcair
an Coirean rùnach, lom;
's ge lom, gur molach, ùrail,
bog, miadar dlùth a thom,
'm bheil mil is bainn' a' brùchdadh
's uisg' ruith air siùcar pronn.
A' dol thar Allt an t-Siùcair
air madainn chùbhraidh Chèit,
is paidirean geal, dlùth-chneap
den driùchd ghorm air an fheur;
bha Richard 's Robin brùdhearg
ri seinn 's fear dhiubh na bheus,
's goic moit air cuthaig chùl-ghuirm
's gug-gùg aic' air a' ghèig.
bottom of page