top of page
Ò, Thoir a-nall am Botal
Hè cùm thall am bodach,
Nuair a thogadh e oirnn sogan
'S e 'm botal bu dòcha leinn.
B' e siud Earrach dubh a' challa
Dh' fhàg e iomadh aon an smalan,
Thug e uamsa mo chrodh bainne
'S iad na gearrain bha mi caoidh.
'S gur beag m' ùidh dhol chun na h-àiridh
Shealltainn air mo chuid chruidh àlainn,
'S gun agam dhiubh ach na cnàmhan
'S iad gun shliochd, gun àl, gun laoigh.
'S fear as lugha gheibh den t-saoghal
Bidh e strì ri tuilleadh fhaotainn,
Gheibh sinn uile biadh is aodach
'S cha toir daoran maoin don chìll.
'S lìon am botal, lìon a dhà dhiubh
Na biodh cùram ort mun phàigheadh,
Mur am faigh thu na do làmh e
Nì seic' na bà-dàir an t-suim.
bottom of page