top of page


Èiridh Bileag Ùr-Ghorm

Èiridh bileag ùr-ghorm
Às a' ghràinne sìl,
Bha san talamh dhorcha
Iomadh latha sìnt';
Gràdh air tighinn beò
Is beath' air tighinn à bàs,
Gràdh air tighinn beò
Mar fhochann òg a' fàs.

Chàraich iad don uaigh
Fear-Gràidh a fhuair am bàs;
Smaoinich iad nach gluaiseadh
E gu sìorraidh bràth,
Anns an talamh dùint'
Mar shìol ùr a' fàs,
Thàinig Esan beò
Mar fhochann òg a' fàs.

Air bhith Dha trì latha
Càraichte san ùir,
Dh' èirich E Là Càisge
Mar a' bhileag ùr;
Slànaighear beò
Thug buaidh air a' bhàs,
Gràdh air tighinn beò
Mar fhochann òg a' fàs.

Nuair bhios cridhe brùit'
An Dùbhlachd dubh ar cràidh,
Fosglaidh Tu ar sùil
Ri Earrach ùr air fàir';
Achaidhean ar crìdh'
Bha riamh nan talamh bàn,
Gràdh gan toirt beò
Mar fhochann òg a' fàs.

Èiridh bileag ùr-ghorm
Às a' ghrainne-sìl.

 

bottom of page