top of page
Bu Chaomh Leam Bhith Mire
Bu chaomh leam bhith mire, bhith mire, bhith mire,
Bu chaomh leam bhith mire ri mo chailin donn òg;
Bu chaomh leam bhith mire rid thaobh nuair a shuidhinn
Mo ghràdh orra bhilean 'n àm sireadh nam pòg.
Tha stòras nach seallar an-còmhnaidh ga mealladh
'S i 'n dòchas na barail nach annas dhith lòn;
Nan cunntadh i gealladh 's a slàinte ri maireann
Gun seòladh nist thairis dh' Àstràilia mhòr.
Nach sguir thu gad shaoiltinn 's a chreidsinn nan daoine
Tha deònach do shaoradh le baothaireachd beòil;
Thig nì ort nach saoil thu ma chreideas tu h-aon dhiubh
'S ma dh' fhàgas tu na h-aonar 'n tè shaothraich thu òg.
Ma bhristeas orra shlàinte 's tu fada od chàirdean
Gun neach a nì bàigh riut ged chàirt' thu fon fhòd;
Gum b' fheàrr dhut an là sin bhith teann orra mhàthair
Na stòras na bàn-righinn ged chàirt' e nad dhòrn.
An cluinn thu mi, Pheigi, nach dèan thu rium seasamh
An gabh thu mo leisgeul, chan eil mi ach òg;
An gabh thu mo leisgeul, 's i 'n fhìrinn a sheasas
Tha mis' ann an teagamh gur beag leat mo stòr.
Ged gheibhinn le dùrachd a dh' òr air a chunntais
Na dhèanadh dhiom diùc is gun dùil riut rim bheò;
Gun cuirinn air chùl e ach thusa thighinn dlùth dhomh
Do mhaise 's do chiùine gam chiùrradh gach là.
Bu chaomh leam bhith mire, bhith mire, bhith mire,
Bu chaomh leam bhith mire ri mo chailin donn òg;
Bu chaomh leam bhith mire rid thaobh nuair a shuidhinn
Mo ghràdh orra bhilean 'n àm sireadh nam pòg.
bottom of page