top of page

​Sean 's a' Bhriogais Leathair.  

Sèist:
Teir a leir a lèidh, san teir a leir a ladaidh,
Teir a leir a lèidh, Sean 's a' bhriogais leathair.

Nuair ràna' mi an saoghal, 's mi 'g èirigh suas 'am leanabh,
Bu ghaol gach duine mi, bha mi nam pheata cheana,
Nuair bha mi suas 's na deugan, 's mo chomann leis na fearaibh,
O, na faiceadh tu cho mòr mi, le giùlain a' ghaige.

Bu bhrèagha mo dheise aodaich, a' tighinn air rìgh no Marcas,
Casag chlò bheag, uasal, is brògan gleansach snasail,
Stocainn dubh-ghlas clòimhe, is peitean glè-gheal flanain,  
Agus ad bheag ìosal Cuaigeir is stiall de bhriogais leathair.

Latha dhomh air an fhèill, a' reic nam muc 's nan uircean,
Nochd an leataidh uasal, 's i ceannach ùbhal is chracairs,
Theann i rium gu dlùth agus thog i bhèil bho bonaid,
Agus shaoil i cuimir caol mi, mi-fhìn 's mo bhriogais leathair.

Bha h-athair is a màthair ga lorg air feadh a' bhaile,
Fhuaireadh mis' is Màiri 'n taigh-òsta 'g òl an leanna,
Gun d' ghabhar ceum bhon àite, gu doras taigh an t-sagairt,
Agus fhuair mi taigh-geal àlainn, le taing don bhriogais leathair.

 

bottom of page